Ceist
An d’ fhuair mi maitheanas? Cionnas a gheibh mi maitheanas bho Dhia?
Freagairta
Tha Gnìomharan 13:38 ag ràdh, “Uime sin biodh fios agaibh, fhear agus a bhràithrean, gur ann tre ’n duine seo tha maitheanas pheacannan air a shearmonachadh dhuibh.”
Gur de a th’ann a’ maitheanas agus carson a tha feum agam air?
Tha na facail “thoir maitheanas” a’ ciallachadh an sglèat a ghlanadh, leig as duine airson cron a rinn e, dubh a-mach fiachan. Nuair a nì sinn cron air neach, iarraidh sinn maitheanas airson an càirdeas eadar sinn a bhi mar a bha e roimhe. Chaineil maitheanas air a thoirt a chionns gu bheil neach airidh air maitheanas. Chaineil neach ann a tha airidh air maitheanas. Se a th’ ann a’ maitheanas ach gnìomh a tha sealltainn gaol, tròcair, agus gràs. Se a th’ ann a’ maitheanas ach co-dhùnadh gun rudeigin a bhi agad an aghaidh neach eile, a dh’ aindeoin gur de a tha e no i air a dhèanamh ort.
Tha am Bìoball ag innse dhuinn gu bheil feum againn uile air maitheanas bho Dhia. Tha sinn uile air peacachadh. Tha Eclesiastes 7:20 ag ràdh, “Oir chaineil duine ceart air an talamh, a ni maith, agus nach peacaich.” Tha 1 Eòin 1:8 ag ràdh, “ ma their sinn nacheil peacadh againn, tha sinn gar mealladh fèin, agus chaineil an fhìrinn annainn.” Se ceannairceas an aghaidh Dhè a th’ anns gach peacadh (Salm 51:4). Mar sin, tha feum mhòr againn air maitheanas Dhè. Mur a’ faigh sinn maitheanas airson ar peacannan, cuiridh sinn seachad an t-sìorraidheachd a’ fulaing mar thoradh airson na peacannan againn. (Mata :25:46; Eòin 3:36).
Maitheanas – Ciamar a gheibh mi e?
Faodaidh sinn a bhi taingeil gu bheil Dia ann a tha gràdhach agus tròcaireach – dèonach ar peacannan a maitheadh dhuinn! Tha 2 Peadar 3:9 ag innse dhuinn, “ .. tha e fad-fhulangach do ar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhi caillte ach na h-uile dhaoine ’ theachd gu aithreachas.” Tha Dia ag iarraidh maitheanas a thoirt dhuinn, ’s mar sin rinn e ullachadh airson sinn maitheanas fhaotainn.
Chaineil peanas cothromach ann airson ar peacaidhean ach am bàs. Tha a’ chiad pàirt de Ròmanaich 6:23 ag ràdh, “Oir is e tuarastal a’ pheacaidh am bàs ...” Is e bàs siorraidh a tha sinn airidh air airson ar peacannan. Thàinig Dia, na rùn foirfe ann an cruth duine – Iosa Crìosd (Eòin 1:1,14). Fhuair Iosa bàs air a’ chrois, a’ gabhail am peanas bu chòir a bhi oirnne—am bàs. Tha 2 Corintianach 5:21 ag innse dhuinn, “Oir rinn e esan do nach b’ aithne peacadh, na ìobairt-pheacaidh air ar son-ne; chum gum bitheamaid air ar dèanamh nar fireanteachd Dhè annsan.” Fhuair Iosa bàs air a’ chrois, a’ gabhail an dìoghaltas bu chòir a bhi oirnne! Mar Dhia, thug bàs Iosa seachad maitheanas airson peacannan an t-saoghail uile. Tha 1 Eòin 2:2 ag ràdh, “ Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacannan; agus chan e airson ar peacannan a mhàin, ach mar an ceudna airson peacannan an t-saoghail uile.” Dh’ èirich Iosa bho na mairbh, a’ gairm a’ bhuaidh a bh’ aige air peacadh agus air a’ bhàs (1 Corintianach 15:1-28). Tha Dia ri mholadh – tro bàs agus aiseirigh Iosa Crìosd, tha an dara pàirt de Ròmanaich 6:23 fior, “ ... ach is e saor-thiodhlaic Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.”
Bheil thu ag iarraidh do pheacannan a bhi air a’ maitheadh dhuit? Bheil thu a’ faireachdainn ciontach uaireannan? Tha maitheanas ann airson do pheacannan ma chuireas tu d’ earbs’ ann an Iosa Crìosd mar do Shlànaighear. Tha Ephesianach 1:7 ag ràdh, “Anns am bheil againne saorsa tre ’ fhuil san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis.” Phàigh Iosa na fiachan againn, gus a’ faigheadh sinne maitheanas. Chaineil càil agad ri dhèanamh ach maitheanas tre Iosa iarraidh air Dia, a’ creidsinn gun d’ fhuair Iosa bàs chum pàigheadh airson do mhaitheanas – agus bheir e maitheanas dhuit! Tha an teachdaireachd mhìorbhaileach seo ann an Eòin 3:16-17, “ Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun d’ thug e aon-ghin Mhic fèin, chum as ge be neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige. Oir cha do chuir Dia a Mhac don t-saoghal, chum gun dìteadh e an saoghal, ach a chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìd-san.”
Maitheanas – a bheil e gu dearbha cho furasta ri sin?
Gu dearbha, tha e cho furasta ri sin! Chan urrainn dhuit maitheanas a chosnadh bho Dhia. Chan urrainn dhuit pàigheadh airson maitheanas bho Dhia. Chan urrainn dhuit fhaighinn ach le creideamh, tro ghràs agus thròcair Dhè. Ma tha thu airson Iosa Crìosd a ghabhail mar do Shlànaighear, agus maitheanas fhaotainn bho Dhia, seo ùrnaigh a dh’ fhaodadh a bhi agad. Cha shàbhail an ùrnaigh seo no ùrnaigh sam bith eile thu. Chan fhaigh thu maitheanas airson do pheacannan ach le bhi creidsinn ann an Iosa Crìosd. Chaineil anns an ùrnaigh seo ach dòigh taing a thoirt do Dhia airson maitheanas a thoirt dhuit agus innse dha an earbs’ a th’ agad ann. “A Dhia, Tha làn fhios agam gu bheil mi air peacachadh nad aghaidh agus gu bheil mi airidh air peanas. Ach ghabh Iosa Crìosd am peanas sin air an robh mi airidh, ’s gu faighinn-sa maitheanas tre chreideimh. Tha mi cuir m’ earbsa annaibh airson mo theàrnadh. Taing airson ar gràs mìorbhaileach agus ar maitheanas! Amen!”
An do thagh thu Crìosd an dèidh na leugh thu an seo? Ma thagh, brùth am putan “Tha mi air Crìosd a thaghadh an diugh”.
English
An d’ fhuair mi maitheanas? Cionnas a gheibh mi maitheanas bho Dhia?