settings icon
share icon
Ceist

De a th’ anns a’ phlana/ an dòigh teàrnaidh?

Freagairta


Bheil an t-acras ort? Chaineil mi a’ ciallachadh acras corporra, ach a bheil acras ort airson barrachd na do bheatha? A bheil rudeigin domhainn annad nach gabh a shàsachadh? Ma tha, se Iosa an t-slighe! Thuirt Iosa, “ Is mise aran na beatha; an tì a thig do ’m ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air” (Eòin 6:35).

A bheil thu troimh chèile? A bheil e fàilligeadh ort rathad neo amas a’ lorg anns a’ bheatha seo? An saoil thu gun do chuir cuideigin dheth na solais, agus chan fhaigh thu lorg air an suidse? Ma tha, se Iosa an t-slighe! Thuirt Iosa, “ Is mise solas an t-saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige” (Eòin 8:12).

Am bi thu faireachdainn aig uair sam bith gu bheil thu air do ghlasadh a-muigh bho ’n bheatha seo? Na dh’ fheuch thu mòran dhorsan, ach gun d’ fhuair thu an rud air an cùlaibh a bhi falamh agus gun bhrìgh? A bheil thu ri lorg doras gu beatha choileanta? Ma tha, se Iosa an t-slighe! Thuirt Iosa, “Is mise an doras: ma thèid neach air bith a-steach tromham-sa, teàrnar e, agus thèid e steach agus a-mach, agus gheibh e ionaltradh” (Eòin 10:9).

Am bi feadhainn eile dha do leigeil sìos an còmhnaidh? An robh gach càirdeas a bh’ agad eu-domhain agus falamh? Bheil thu den bheachd gu bheil feadhainn eile toirt a’ char asad? Ma tha, se Iosa an t-slighe! Thuirt Iosa, “Is mise am buachaill maith; leigidh am buachaill maith anam sìos airson nan caorach...Is mise am buachaill maith, agus is aithne dhomh mo chaoraich fèin, agus aithnichear le m’ chaoraich fèin mi” (Eòin 10:11, 14).

Am bi thu a’ smaoineachadh gur de a thachras an dèidh a’ bheatha seo? Bheil thu sgìth a bhi cuir seachad do bheatha airson rudan a tha ri lobhadh agus a’ meirgeadh? Am bi thu smaoineachadh uaireannan nacheil ciall idir aig a’ bheatha seo? Bheil thu ’g iarraidh a bhi beò an dèidh dhut bàsachadh? Ma tha, se Iosa an t-slighe! Thuirt Iosa, “Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò; agus ge be neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd” (Eòin 11:25-26).

Gur de an t-slighe? Gur de an fhìrinn? Gur de a’ bheatha? Fhreagair Iosa, “Is mise an t-slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach chum an Athar ach tromham-sa” (Eòin 14:6.

Se acras spioradail a tha thu ri faireachdainn, agus cha ghabh a lìonadh ach le Iosa. Se Iosa a-mhàin as urrainn an dorchadas a thogail. Se Iosa an doras gu beatha shàsaichte. Se Iosa an caraid agus am buachaill a tha thu air a bhi lorg. Se Iosa a’ bheatha – anns an saoghal seo agus an ath fhear. Se Iosa an t-slighe teàrnaidh!

Se gu bheil thu dealaichte bho Dhia an reusan gu bheil thu acrach, gu bheil thu mar gum biodh air chall anns an dorchadas, agus nacheil thu faighinn brìgh anns a’ bheatha seo. Tha am Bìoball ag innse dhuinn gun do pheacaich sinn uile, agus mar sin gu bheil sinn dealaichte bho Dhia (Eclesiastes 7:20; Ròmanaich 3:23). Se Dia a bhi a dhìth na do bheatha a tha fàgail fànas na do chridhe. Chaidh ar cruthachadh airson dàimh a bhi againn ri Dia. Chaineil an dàimh sin ann a chionns gun do pheacaich sinn. Nas miosa na sin, cumaidh am peacadh sin sinn dealaichte bho Dhia fad na sìorraidheachd, a’ bheatha seo agus an ath thè (Ròmanaich 6:23; Eòin 3:36).

Ciamar a gheibhear seachad air an duilgheadas seo? Se Iosa an t-slighe! Ghabh Iosa am peacadh againn air e fhèin (2 Corintianach 5:21). Fhuair Iosa bàs nar h-àite (Ròmanaich 5:8), a’ gabhail am peanas air an robh sinne airidh. Ann an trì là, dh’ èirich Iosa bho na mairbh, a’ dearbhadh a’ bhuaidh a bh’ aige air peacadh agus am bàs (Ròmanaich 6:4-5). Carson a rinn e seo? Fhreagair Iosa a’ cheist sin e fhèin, “Gràdh nas motha chaineil aig neach air bith, gun leigeadh duine ’anam sìos airson a chàirdean” (Eòin 15:13). Fhuair Iosa bàs gus a’ faigheadh sinne beatha. Ma chuireas sinn ar ’n earbs’ ann an Iosa, a’ creidsinn gun phàigh a bhàs airson na peacannan againn – tha na h-uile pheacannan againn air a maitheachadh agus air an glanadh air falbh. Bidh an t-acras spioradail againn an uairsin air a shàsachadh. Thig na solais air. Bidh fosgladh againn gu beatha choileanta. Bidh aithne againn air a’ bhuachaill math agus an fhìor charaid as fheàrr a th’ againn. Bidh fios againn gum bi beath’ againn an dèidh dhuinn bàs fhaighinn – beatha nuadh ann a’ nèamh còmhla ri Iosa airson an t-sìorraidheachd!

“Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun d’ thug e aon-ghin Mhic fèin, chum as ge be neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shiorraidh aige” (Eòin 3:16).

An do thagh thu Crìosd an dèidh na leugh thu an seo? Ma thagh, brùth am putan “Tha mi air Crìosd a thaghadh an diugh”.

English



Till gu duilleag dachaigh Gàidhlig na h-Alba

De a th’ anns a’ phlana/ an dòigh teàrnaidh?
© Copyright Got Questions Ministries