Ceist
Gur dè a tha e ciallachadh Iosa a ghabhail mar do Shlànaighear pearsanta?
Freagairta
Na ghabh thu riamh Iosa mar do Shlànaighear pearsanta? Mus freagair thu, leig dhomh a’ cheist a mhìnicheachadh. Airson a’ cheist a thuigsinn ceart, feumaidh tu an toiseach tuigsinn “Iosa Crìosd", “Pearsanta”, agus “Slànaighear”.
Cò a th’ann an Iosa Crìosd? Tha mòran ann a tha ’g aontachachadh gur e duine math a th’ann an Iosa Crìosd, fìor fhear-teagaisg, no eadhon faidh bho Dhia. Tha na nithean sin gu dearbha fìor mu dheidhinn Iosa, ach chaineil iad ag innse gu tur cò dìreach a th’ann. Tha am Bìoball ag innse dhuinn gur e Dia anns an fheòl a th’ann an Iosa, Dia ann an cruth mac an duine (faic Eòin 1:1,14). Thàinig Dia chun an talamh airson ar teagaisg, ar slànachadh, ar ceartachadh, maitheanas a thoirt dhuinn – agus bàs fhaighinn air ar son! Is e Iosa Crìosd Dia, an Cruthadair, an Tighearna rìoghail. Na ghabh thu an Iosa seo?
Gur dè a th’ann an Slànaighear agus carson a tha feum againn air Slànaighear? Tha am Bìoball ag innse dhuinn gu bheil sinn uile air peacachadh, tha sinn uile air olc a dhèanamh (Ròmanaich 3:10-18). Mar thoradh na peacannan againn, tha sinn airidh air fearg agus breitheanas Dhè. Se peanas neo-chrìochnach an aon pheanas cothromach airson peacannan an aghaidh Dia sìorraidh agus neo-chrìochnach. (Ròmanaich 6:23; Taisbeanadh 20:11-15). Sin an reusan gu bheil feum againn air Slànaighear!
Thàinig Iosa Crìosd chun an talamh agus fhuair e bàs nar ’n àite. Bha bàs Iosa mar Dia anns an fheòl, na ìocadh neo-chrìochnach airson ar peacannan (2 Corintianach 5:21). Fhuair Iosa bàs airson am peanas a phàigheadh airson na peacannan againne (Ròmanaich 5:8). Phàigh Iosa a’ phrìs gus nach tigeadh oirnne a dhèanamh. Bha aiseirigh Iosa a’ dearbhadh gu robh a bhàs gu leòr am peanas a phàigheadh airson na peacannan againn. Sin as coireach gur e Iosa a-mhàin an aon Slànaighear (Eòin 14:6; Gnìomharan 4:12)! A bheil earbsa agadsa ann an Iosa mar do Shlànaighear?
An e Iosa do Shlànaighear “pearsanta”? Tha mòran ann a tha faicinn Crìosdaidheachd mar a bhi dol don eaglais, a bhi dèanamh deas-ghnàthan, a’ cumail air falbh bho bhi dèanamh pheacannan àraid. Chan e sin Crìosdaidheachd idir. Se a th’ann an fìor Chrìosdaidheachd ach càirdeas pearsanta ri Iosa Crìosd. Tha bhi gabhail Iosa mar do Shlànaighear pearsanta a’ ciallachadh gu bheil thu a’ cuir do chreideas pearsanta agus d’ earbs’ annsan. Chaineil neach air a theàrnadh le creideamh neach eile. Chaineil neach a’ dol a dh’ fhaighinn maitheanas le bhi dèanamh gnìomhan àraid. Chaineil dòigh ann a bhi air do theàrnadh ach Iosa a ghabhail mar do Shlànaighear, a’ cuir earbsa na bhas mar phàigheadh airson do pheacannan, agus ’ aiseirigh mar gealladh beatha mhaireannach a bhi agad. (Eòin 3:16). An e Iosa an Slànaighear pearsanta agadsa?
Ma tha thu ag iarraidh Iosa Crìosd a ghabhail mar do Shlànaighear pearsanta, labhair na facail a leanas ri Dia. Cuimhnich, cha shàbhail an ùrnaigh seo no ùrnaigh sam bith eile thu. Cha shàbhail càil thu bho pheacadh ach dòchas ann an Dia. Chaineil anns an ùrnaigh seo ach dòigh innse do Dhia an earbs’ a th’ agad ann, agus cho taingeil ’sa tha thu Dha airson do theàrnadh. “A Dhia, Tha fhios agam gun do pheacaich mi ’n ad aghaidh, agus gu bheil mi airidh a bhi air mo pheanasachadh. Ach thug Iosa Crìosd am peanas sin air e fhèin, chionns gu faighinn maitheanas tro earbsa annsan. Tha mi a’ gabhail an tairgse maitheanas bhuaibh, agus a’ cuir mo dhòchas annaibh airson mo theàrnadh. Tha mi a’ gabhail Iosa mar mo Shlànaighear pearsanta! Tha mi a’ toirt taing dhuibh airson bhur gràs iongantach agus maitheanas—tiodhlaic beatha mhaireannach! Amen!”
An do thagh thu Crìosd an dèidh na leugh thu an seo? Ma thagh, brùth am putan “Tha mi air Crìosd a thaghadh an diugh”.
English
Gur dè a tha e ciallachadh Iosa a ghabhail mar do Shlànaighear pearsanta?