Ceist
A bheil Dia ann? A bheil dearbhadh gu bheil Dia ann?
Freagairta
A bheil Dia ann? Tha e inntinneach gu bheil uidhir de dh’ aire air a thoirt don deasbad seo. Tha na sgrùdaidhean mu dheireadh a’ sealltainn dhuinn gu bheil còrr air 90% de dhaoine anns an t-saoghal an diugh a’ creidsinn ann an Dia air neo ann an cumhachd nas àirde. Gu tà, tha an t-uallach air an fheadhainn a tha creidsinn gu bheil Dia ann airson dearbhadh gu bheil E dha rìreabh ann. Bhiodh cùisean na bu reusanta na ’m ann an taobh eil’ a bhiodh iad.
Co-dhiù, chan urrainn dhuinn dearbhadh a bheil Dia ann neo nacheil. Tha eadhon am Bìoball ag ràdh gu feum sinn gabhail ris gu bheil Dia ann tro chreidimh, “ Ach as eugmhais creideimh, chaineil e ’n comas a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaidh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach” (Eabhraidheach 11:6). Nam be rùn Dhè e, dh’fhaodadh e dìreach nochdadh agus dearbhadh don t-saoghal air fad gu bheil e ann. Ach nan dèanadh e sin, cha bhiodh feum air creideimh. “Thuirt Iosa ris, ‘Airson gu faca tu mi, a Thòmais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach faca, agus a chreid’” (Eòin 20:29).
Chaineil sin a’ ciallachadh, gu tà, nacheil dearbhadh ann gu bheil Dia ann. Tha am Bìoball ag ràdh, “Cuiridh na nèamhan an cèill glòir Dhè, agus nochdaidh na speuran gnìomh a làmh. Tha là a’ dèanamh sgeòil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais a dh’ oidhche. Chaineil cainnt, chaineil briathran, anns nach cluinnear an guth. Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a-mach, agus am facal gu h-iomall an domhain.” (Salm 19: 1-4). A’ coimhead ri na rionnagan, a’ tuigsinn cho mòr sa tha an cruinne-cè, a’ beachdachadh air mìorbhailean nàdar, a’ toirt sùil air bòichead grian a’ dol fodha – tha h-uile nì tha sin a’ comharrachadh gu bheil Dia ann a chruthaich iad. Mar an robh sin gu leòr, tha dearbhadh gu bheil Dia ann nar cridheachan. Tha Eclesiastes 3:11 ag innse dhuinn, “… chuir e mar an ceudna an saoghal nan cridhe…” Tha rudeigin domhainn nar broinn aig a bheil fios gu bheil rudeigin ann a’ bharrachd air a’ bheatha seo, agus an saoghal seo. Faodaidh sinn àicheadh an t-eòlas seo ann an dòigh innteachail, ach tha Dia an làthair annainn fhathast. A dh’ aindeoin na tha sin, tha am Bìoball a’ toirt rabhadh dhuinn gum bi feadhainn fhathast ann a chanas nacheil Dia ann. “ Thuirt an t-amadan na chridhe, ‘Chaineil Dia ann’” (Salm 14:1). Chionns gu bheil còrr air 98% de dhaoine tro eachdraidh, anns gach cultair, anns gach sìobhaltachd, anns gach dùthaich a’ creidsinn ann an Dia de sheòrs’ a choireigin, feumaidh gu bheil rudeigin (neo cuideigin) a bhi ag adhbharachadh an creideimh seo.
A thuilleadh air na h-argamaidean sgriobtarail a th’ann airson Dia a bhi ann, tha argamaidean reusanta ann cuideachd. An toiseach, tha an t-argamaid ontoloidigeach ann. Tha an gnè as coiteanta den argamaid seo a’ cleachdadh Dhia airson dearbhadh gu bheil Dia ann. Tha e a’ tòiseachadh le bhi ag ràdh gur e Dia “rud nach urrainnear smaoineachadh air rud sam bith eile tha nas àirde.” Tha e an uairsin ag ràdh gu bheil e nas fheàrr a bhi ann na gun a bhi ann, ’s mar sin, tha e air a dhearbhadh gu bheil an rud as àirde, air an urrainn dhuinn smaoineachadh air, ann. Mar a biodh Dia ann, cha b’ e Dia an rud as àirde air am b’ urrainn dhuinn smaoineachadh, ach bhiodh sin a’ dol an aghaidh an tuairisgeul a th’ againn airson Dia. Se an dara fear an t-argamaid teleoloidigeach. Tha e seo ag ràdh a chionns gu bheil an cruinne-cè air a dhèanamh cho iongantach ’s a tha e, gu feumadh Dealbhaiche Diadhaidh bhi air a chruthachadh. Mar eisimpleir, nam biodh an talamh eadhon dhà no trì cheud mìle nas fhaisg neo nas fhaide bho ’n ghrian, cha b’ urrainn mòran nithean a bhi beò ann a th’ ann an dràsta. Nam biodh na h-eileamaidean anns an iarmailt eadhon dhà no trì puingean anns a’ cheud eadar-dhealaichte, bhàsaicheadh gach nì a tha beò ann an dràsta. Tha na figearan airson aon moileciuil pròtain a bhi air a chruthachadh leis fhèin air an cuir aig 1 ann an 10243 (sin 10, le 243 0s as a dhèidh). Tha milleanan de gach moileciuil pròtain sin ann an aon cealla.
Se an treas argamaid airson Dia a bhi ann am fear cosmoloidigeach. Tha adhbhar ann airson a h-uile toradh. Se toradh a th’ anns a’ chruinne-cè seo agus a h-uile càil a tha na bhroinn. Feumaidh rudeigin a bhi ann a thug air na nithean sin a bhi ann. Aig deireadh a’ chùis, feumaidh rudeigin “gun adhbhar” a bhi ann airson cruthachadh a h-uile càil eile a th’ ann. Se Dia an rud sin “gun adhbhar”. Se an argamaid moralta a chanar ris an ceathramh fear. Tha seòrsa de lagh air a bhi aig a h-uile cultair tro eachdraidh. Tha beagan ciall aig gach neach mu dheidhinn ceart agus ceàrr. Cha mhòr nacheil a h-uile dùthaich a’ diùltadh mort, breugan, goid, agus neo-mhoralachd. Cò as a thàinig a’ mothachadh seo mu dheidhinn ceart agus ceàrr mar an ann bho Dhia naomh?
A dh’ aindeoin na tha seo, tha am Bìoball ag innse dhuinn gun diùlt daoine eòlas soilleir mu dheidhinn Dia, agus gun fheàrr leotha breug a chreidsinn. Tha Ròmanaich 1:25 ag ràdh, “Muinntir a chaochail fìrinn Dhè gu brèig, agus a thug adhradh agus a rinn seirbheis don chreutair nas motha na don Chruithear, a tha beannaichte gu sìorraidh. Amen.” Tha am Bìoball ag innse cuideachd nacheil leisgeul aig daoine airson gun a bhi creidsinn ann an Dia, “Oir riamh o chruthachadh an t-saoghail tha a nithean-sa nach feudar fhaicinn, eadhon a chumhachd sìorraidh agus a Dhiadhachd, air am faicinn gu soilleir, air dhaibh a bhi so-thuigsinn o na nithibh a rinneadh; chum gum biodh iad gun leisgeul aca” (Ròmanaich 1:20).
Tha daoine a’ cumail a-mach nacheil iad a’ creidsinn ann an Dia a chionns “nacheil e saidheansail” neo “chaineil dearbhadh ann.” Se an fhìor reusan a th’ ann gu bheil fhios aig daoine, ma dh’ aidicheas iad gu bheil Dia ann, gum bi iad an uairsin an urra ri Dia, agus a’ feumachadh maitheanas bhuaithe (Ròmanaich 3:23; 6:23). Ma tha Dia ann, feumaidh sinne cunntas a thoirt dha airson na rinn sinn. Mar a bheil Dia ann, faodaidh sinn rud sam bith a dhèanamh, gun eagal a bhi oirnn gun toir Dia breith oirnn. Sin as coireach gu bheil uiread anns a’ phoball an diugh a’ leantainn mean-fhàs – roghainn a bhi aig daoine creidsinn ann an rudeigin eile an àite Dia an Cruithear. Tha Dia ann, agus aig a’ cheann mu dheireadh, tha fios aig gach neach gu bheil e ann. Se cnag na cùise gu bheil uiread a’ feuchainn ri dearbhadh nacheil Dia ann, ’s gur ann a tha sin a’ dèanamh argamaid gu bheil e ann.
Coimhead ri aon argamaid eile airson dearbhadh gu bheil Dia ann. Cionnas a tha fios againn gu bheil Dia ann? Mar Chrìosdaidhean, tha fios againn gu bheil Dia ann, le bhi bruidhinn ris gach là. Chaineil sinn a’ cluinntinn a ghuth a’ bruidhinn air ais ruinn, ach tha sinn a’ faireachdainn gu bheil e ann, tha sinn dha fhaireachdainn ’g ar treòrachadh, tha a ghaol aithnichte dhuinn, tha sinn a’ sireadh a ghràs. Tha nithean air tachairt anns a’ bheath’ againn nach mìneachadh ach le Dia. Tha Dia air ar sàbhaladh agus ar beath’ atharrachadh ann an dòighean cho iongantach nach urrainn dhuinn ach fios a bhi againn gu bheil e ann, agus taing a bhi dha thoirt dha. Airson feadhainn nacheil a’ creidsinn nithean a tha cho soilleir, cha toir na h-argamaidean sin orra am beachd atharrachadh. Air an deireadh thall, ’s ann tre chreideamh a dh’ fheumar gabhail ris gu bheil Dia ann (Eabhraich 11.6). Chan e leum dha ’n dorchadas a th’ ann an creideimh ann an Dia; se a th’ ann ach ceum sàbhailt’ a-steach do sheòmar soilleir, far a bheil 90% de dhaoine nan seasamh a cheana.
English
A bheil Dia ann? A bheil dearbhadh gu bheil Dia ann?