Ceist
Cò a th’ ann an Iosa Crìosd?
Freagairta
Cò a th’ ann an Iosa Crìosd? Tha seo eu-coltach ris a’ cheist, “A bheil Dia ann?”, agus chaineil mòran ann a tha ri faighneachd an robh Iosa Crìosd ann. Tha a’ mhòr-chuid ag aontachadh gur e duine bh’ ann an Iosa a bha coiseachd na talmhainn ann an Israeil bho chionn faisg air 2,000 bliadhn’ air ais. Tha an deasbad a’ tòiseachadh nuair a thathas a’ faighneachd cò dha rìreabh a bh’ ann an Iosa. Cha mhòr nacheil gach uile prìomh chreideamh a’ teagaisg gu robh Iosa na fhàidh, air neo na fhear teagaisg math, air neo na dhuine diadhaidh. Tha an trioblaid ag èirigh a chionns gu bheil am Bìoball ag innse dhuinn gu mòran a bharrachd ri Iosa na bhi na fhàidh, air neo na fhear teagaisg math, air neo na dhuine diadhaidh.
Tha C.S. Lewis a’ sgrìobhadh na leanas anns an leabhar aige, “Mere Christianity”: Tha mi feuchainn an seo stad a chur air duine sam bith a bhi ’g ràdh an rud gòrach seo mu dheidhinn [Iosa Crìosd]: ‘ Tha mi dèonach Iosa a ghabhail mar fhear teagaisg moralta, ainmeil, ach chaineil mi a’ creidsinn gur e Dia.’ Sin an aon rud nach bu chòir dhuinn a’ ràdh. Nam biodh dùin’ ann a bha dìreach na dhuine, agus a chanadh na rudan a thuirt Iosa, chan e fear teagaisg moralta, ainmeil a bhiodh ann. Se bhiodh ann ach dearg amadan – air an aon ràmh ri fear a chanadh gur e ugh bruich a bh’ ann – air neo se Diabhal Ifrinn a bhiodh ann. Feumaidh tu d’ inntinn a dhèanamh an àirde. Se Mac Dhè a bha, agus a tha, an seo, air neo se dearg amadan a bh’ ann neo rudeigin nas miosa .... faodaidh tu a ghlasadh an àirde mar amadan, faodaidh tu smugaid fheuchainn air agus a mharbhadh mar dheamhan; air neo faodaidh tu tuiteam aig a chasan agus Tighearna agus Dia a ghairm ris. Ach na leig dhuinn a thighinn a-mach le amaideas a’ toirt taic don bheachd gur e fear teagaisg daonna ainmeil a bh’ ann. Cha do dh’ fhàg e an roghainn sin againn. Cha robh sin na rùn.”
Mar sin, cò a thuirt Iosa fhèin a bh’ ann dheth? Cò a tha am Bìoball ag ràdh a bh’ ann? An toiseach, faodaidh sinn sùil a thoirt air facail Iosa ann an Eòin 10:30, “Mise agus an t-Athair, is aon sinn.” Leis a’ chiad buille-shùl, dh’fhaodadh nacheil seo a’ coimhead mar thagradh gur e Dia. Gu tà, thoir sùil air dol-a-mach na h-Iudhaich nuair a thuirt e sin. “ Airson oibre maithe chaineil sinn gad chlachadh, ach airson toibheim, agus airson, air bhi dhuit-sa ad dhuine, gu bheil thu dèanamh Dia dhiot fèin” (Eòin 10:33). Thuig na h-Iudhaich gu robh e ag ràdh gur e fhèin Dia. Anns na rannan a leanas, chaineil Iosa feuchainn ri ’n cuir ceart le ràdh, “Cha d’ thuirt mi gur mi Dia.” Tha sin mar gum biodh a’ sealltainn gu robh Iosa gu dearbha ag ràdh gur e Dia nuair a thuirt e, “Mise agus an t-Athair, is aon sinn” (Eòin 10:30). Tha eisimpleir eile ann an Eòin 8:58. Thuirt Iosa, “Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Mun robh Abrahàm ann, THA MISE.” A-rithist, tha na h-Iudhaich a’ togail chlachan airson an tilgeil air Iosa (Eòin 8:59). Tha Iosa, le bhi ag ràdh “THA MISE”, a’ cleachdadh an t-ainm anns an t-Seann Tiomnaidh airson Dia. (Ecsodus 3:14). Carson a bhiodh na h-Iudhaich ag iarraidh a-rithist Iosa a chlachadh mar a d’ thuirt e rudeigin a bha iadsan a’ saoilsinn a bha toibheumach, se sin, gur e fhèin Dia.
Tha Eòin 1:1 ag ràdh, “b’e am facal Dia.” Tha Eòin 1:14 ag ràdh, “rinneadh am facal na fheòil.”. Tha seo a’ sealltainn gu soilleir gur e Iosa Dia anns an fheòl. Thuirt Tòmas an deisciobal ri Iosa, “Mo Thighearn is mo Dhia” (Eòin 20:28). Cha do cheartaich Dia e. Tha an Abstol Pòl ag ràdh mu dheidhinn “...an Dè mhòir, agus ar Slànaighear Iosa Crìosd” (Titus 2:13). Tha an Abstol Peadar ag ràdh an aon rud, “...ar Dè agus ar Slànaighear Iosa Crìosd”(2 Peadar 1:1). Tha Dia an t-Athair na fhianais air fèineachd Iosa cuideachd. Ach mun a’ Mhac tha e ag ràdh, “Tha do rìgh-chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal: is slat cheartais slat-shuaicheantais do rìoghachd-sa” Salm 45:6. Tha iomadh fàisneachd mu Chrìosd anns an t-Seann Tiomnadh ag innse mu dheidhinn a Dhiadhachd, mar Isaiah 9:6, “Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t-Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.”
Mar a thuirt C.S. Lewis, chan e roghainn a th’ ann a bhi creidsinn gur e fear teagaisg math a th’ ann an Iosa. Bha Iosa a’ sealltainn gu soilleir gur e Dia a bh’ ann. Mas nach e Dia, se breugadair a th’ ann, ’s mar sin chan e fàidh, neo fear teagaisg math, neo duine diadhaidh a th’ ann. Tha “sgoilearan” an là ’n diugh a’ feuchainn ri innse dhuinn nach d’ thuirt Iosa mòran de na nithean a tha am Bìoball ag ràdh a thuirt e. Cò dhuinne as urrainn argamaid a dhèanamh ri Facal Dhè mu dheidhinn de thuirt Iosa, neo de nach d’ thuirt e? Ciamar as urrainn do “sgoilear” a tha dà mhìle bliadhna an dèidh Iosa fios nas fheàrr a bhi aige na ’n fheadhainn a bha beò còmhla ris, a dh’ obraich còmhla ris, agus a fhuair teagaisg bhuaithe (Eòin 14:26)?
Carson a tha a’ cheist mu dheidhinn cò a bh’ ann an Iosa cho cudromach? Carson a bhiodh diofar ann an e Iosa Crìosd neo nach e? Se an reusan as cudromaiche airson gur e Iosa Dia – mar a be Dia, cha robh bhàs air a bhi foghainteach airson pàigheadh am peanas airson uile pheacannan an t-saoghail (! Eòin 2:2). Cha b’ urrainn ach Dia am peanas neo-chrìochnaichte sin a phàigheadh (Ròmanaich 5:8; 2 Corintianach 5:21). Se Dia a dh’ fheumadh a bhi ann an Iosa gus am b’ urrainn dha na fiachan againn’ am pàigheadh. Dh’ fheumadh Iosa bhi na dhuine gus am faigheadh e bàs. Chan fhaighear teàrnadh ach tre chreidimh ann an Iosa Crìosd! Se diadhachd Iosa an reusan gur e an aon shlighe gu teàrnadh. Se diadhachd Iosa as coireach gun d’ thuirt e, “Is mise an t-slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha; cha tig aon neach chum an Athar ach tromham-sa” (Eòin 14:6).
English
Cò a th’ ann an Iosa Crìosd?