settings icon
share icon
Ceist

A bheil a’ Bheatha Mhaireannach agad?

Freagairta


Tha am Bìoball a’ toirt seachad slighe shoilleir airson beatha mhaireannach fhaotainn. An toiseach, feumaidh sinn aithneachadh gu bheil sinn air peacachadh an aghaidh Dhè: “Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè” (Ròmanaich 3:23). Tha sinn uile air nithean a dheànamh nacheil a’ còrdadh ri Dia, agus tha sinn airidh air peanas. Do bhrìgh ’s gu bheil na peacannan uile againn air a’ cheann mu dheireadh an aghaidh an Dia mhaireannach, cha dèan dad a’ chùis ach peanas maireannach. "Oir is e tuarastal a’ pheacaidh am bàs, ach is e saor-thìodhlaic Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna” (Ròmanach 6:23).

Gu tà, ged a bha e gun pheacadh (1 Peadar 2:22), agus gur e Mac Dhè maireannach a bh’ ann, thàinig Iosa Crìosd ann an cruth dhuine (Eòin 1:1,14), agus fhuair e bàs airson am peanas againn’ a phàigheadh. “Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fèin duinne, do bhrìgh an uair a bha sinn fathast nar peacaich gun dh’fhuiling Crìosd bàs air ar son” (Ròmanaich 5:8). Bhàsaich Iosa Crìosd air a’ chrois (Eòin 19: 31-42), a’ gabhail am peanas air a bheil sinne airidh (2 Corintianach 5:21). Dh’èirich e bho na mairbh an dèidh trì latha (1 Corintianach 15:1-4), a’ dearbhadh a’ bhuaidh a bh’ aige air a’ pheacadh agus am bàs. “Neach a rèir a mhòr-thròcair, a dh’ath-ghin sinne gu beò dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh” (1 Peadar 1:3).

Feumaidh sinn ar beachdan a thaobh Chrìosd atharrachadh tre chreideamh – cò E, gur dè a rinn E, agus carson – airson teàrnadh (Gnìomharan 3:19). Ma chuireas sinn ar creideamh Annsan, a’ cuir earbsa anns a’ bhàs aige air a’ chrois airson ar peacannan a phàigheadh, gheibh sinn maitheanas agus gealltanas beatha mhaireannach ann an glòir. “Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun d’ thug e aon-ghin Mhic fèin, chum as ge be neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige” (Eòin 3:16). “ Ma dh’aidicheas tu le d’ bheul an Tighearn Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe, gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu” (Ròmanaich 10:9). Se creideamh a’ mhàin ann an obair chrìochnaichte Chrìosd air a’ chrois an aon shlighe cheart gu beatha mhaireannach! “Oir is ann le gràs a tha sibh air bhur teàrnadh, tre chreideamh – agus sin chan ann uaibh fèin; is e tìodhlaic Dhè e; chan ann o oibribh, chum nach dèanadh neach air bith uaill” (Ephesianach 2:8-9).

Ma tha thu ag iarraidh Iosa Crìosd na do Shlànaighear, seo eisimpleir de dh’ ùrnaigh. Cuimhnich nach dèan an ùrnaigh seo, no ùrnaigh sam bith eile, do shàbhaladh. Cha shàbhail dad thu bho pheacadh ach a bhi a’ cuir d’ earbsa ann an Crìosd. Chaineil anns an ùrnaigh seo ach dòigh air innse do Dhia gu bheil do chreideamh ann, agus gu bheil thu a’ toirt taing Dha airson ullachadh bhi air a dhèanamh airson do theàrnadh. “O Dhia, tha fios agam gun do pheacaich mi nad aghaidh, agus gu bheil mi airidh a bhi air mo pheanasachadh. Ach ghabh Iosa Crìosd am peanas air an robh mise airidh, gu faighinn-sa maitheanas tro chreideamh Annsan. Tha mi a’ cuir mo mhuinghinn Annadsa airson mo theàrnadh. Tha mi a’ toirt taing Dhuit airson Do ghràs agus do mhaitheanas iongantach – beatha mhaireannach mar thìodhlaic! Amen!”

An do thagh thu Crìosd an dèidh na leugh thu an seo? Ma thagh, brùth am putan “Tha mi air Crìosd a thaghadh an diugh”.

English



Till gu duilleag dachaigh Gàidhlig na h-Alba

A bheil a’ Bheatha Mhaireannach agad?
© Copyright Got Questions Ministries