settings icon
share icon
Ceist

De a th’ann an Crìosdaidh?

Freagairta


Tha Faclair Webster ag ràdh gur e Crìosdaidh duine tha a’ creidsinn ann an Iosa mar Chrìosd air neo anns a’ chreideamh a tha stèidhte air teagaisgean Chrìosd. Ged a tha seo math gu leòr airson tòiseachadh tuigsinn gur de a th’ann an Crìosdaidh, mar mhòran de mhìneachadh saoghailt’ eile, chaineil e a’ dèanamh soilleir gu leòr an fhìrinn a rèir a’ Bhìobaill mu dheidhinn gur de a tha e ciallachadh a bhi nad Chrìosdaidh.

Tha am facal Crìosdaidh air a chleachdadh trì uairean anns an Tiomnadh Nuadh (Gnìomharan 11:26; Gnìomharan 26:28; 1 Peadar 4:16). Chaidh “Crìosdaidhean” a thoirt air luchd-leantainn Iosa Crìosd an toiseachd ann an Antioch (Gnìomharan 11:26) a chionns gu robh an dol-a-mach, an gnìomhachas, agus an dòigh cainnt coltach ri Crìosd. Chaidh a chleachdadh an toiseach le sluagh ann an Antioch nach robh air an teàrnadh, mar far-ainm tarcuiseach airson spòrs a dhèanamh de na Crìosdaidhean. Tha e ri ciallachadh gu litireil, “a bhuineas do bhuidheann Chrìosd”, air neo “fear-leantainn Chrìosd”, agus tha seo glè choltach ri mar a tha Faclair Webster dha chuir.

Gu mì-fhortanach, an dèidh ùine, tha am facal “Crìosdaidh” air a bhrìgh a chall gu mòr, agus tha e air a chleachdadh gu tric airson cuideigin a tha cràbhach neo glè mhoralta na dhòigh beatha, an àite fear a tha air a bhreth a-rithist agus a’ leantainn Chrìosd. Tha gu leòr ann nacheil a’ creidsinn ann an Iosa Crìosd den bheachd gur e Crìosdaidhean a th’annta dìreach a’ chionns gum bi iad a’ dol don eaglais neo gu bheil iad a’ còmhnaidh ann an dùthaich Chrìosdail. Gu tà, chaineil a bhi dol don eaglais, air neo a bhi cuideachadh feadhainn nacheil cho fortanach riut fhèin, neo a bhi nad chreutair math, a’ dèanamh Crìosdaidh dhiot. Mar a thuirt soisgeulaiche uaireigin, “ Chaineil a bhi dol don eaglais na do dhèanamh na do Chrìosdaidh, dìreach mar nacheil a bhi dol don gharaids dha do dhèanamh na do charbaid.” A bhi nad bhall ann an eaglais, a’ dol tric do na seirbheasan, agus a’ toirt tiodhlaic dha obair na h-eaglais – chan urrainn de na sin Crìosdaidh a dhèanamh dhiot.

Tha am Bìoball ag innse dhuinn nach urrainn do na h-obraichean math againn ar dèanamh iomchaidh ann an làthair Dhè. Tha Titus 3:5 ag innse dhuinn, “Chan ann o oibribh fireanteachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fèin shaor e sinn, tre ionnlad na h-ath-ghineamhainn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid naoimh.” Mar sin, se a th’ann an Crìosdaidh ach creutair a th’air a bhreth a-rithist le Dia (Eòin 3:3; Eòin 3:7; 1 Peadar 1:23), agus a tha air an earbsa agus a muinighin ann an Iosa Crìosd. Tha Ephesianach 2:8 ag innse dhuinn “Oir is ann le gràs a tha sibh air bhur teàrnadh, tre chreideamh; agus sin chan ann uaibh fèin; is e tiodhlaic Dhè e.” Se th’ann am fior Chrìosdaidh ach creutair a th’air aithreachas a ghabhail, agus a th’air an earbs’ agus a muinighin a chuir ann an Iosa Crìosd a mhàin. Chaineil an earbs’ ann a bhi ri leantainn creideamh sònraichte neo riaghaltan mhoralta neo liosta de “dèan seo” agus “na dèan siud”.

Tha fior Chrìosdaidh air a mhuinighin agus earbsa a chuir ann an Iosa Crìosd, agus an fhìrinn gun d’ fhuair e bàs air a’ chrois mar ìocadh airson pheacannan, agus gun do dh’ èirich e a-rithist air an treas là airson buaidh fhaighinn air a’ bhàs, agus beatha mhaireannach a thoirt dhaibhsan a tha ri creidsinn ann. Tha Eòin 1:12 ag innse dhuinn: “Ach a mheud as a ghabh ris, thug e dhaibh cumhachd a bhi nan cloinn do Dhia, eadhon dhaibhsan a tha creidsinn na ainm.” Tha fior Chrìosdaidh gu dearbha na leanabh le Dia, pàirt de fior theaghlach Dhè, agus na neach a tha air beatha ùr fhaighinn ann an Crìosd. Tha fior Chrìosdaidh air a chomharrachadh le gaol a bhi aige do chreutairean eile, agus ùmhlachd do Fhacal Dhè (1 eòin 2:4; 1 Eòin 2:10).

An do thagh thu Crìosd an dèidh na leugh thu an seo? Ma thagh, brùth am putan “Tha mi air Crìosd a thaghadh an diugh”.

English



Till gu duilleag dachaigh Gàidhlig na h-Alba

De a th’ann an Crìosdaidh?
© Copyright Got Questions Ministries